An Canàl Cailleannach
An Canàl Cailleannach
A’ ceangal iar is ear
Tha an Canàl Cailleannach a’ ruith tron Ghàidhealtachd bho Inbhir Nis chun a’ Ghearastain. Tha e a’ ceangal ceithir lochan, Loch Nis ainmeil nam measg, agus tha 60 mìle de dh’fhaid ann. Tha àilleachd na dùthcha, an uiread eachdraidh ’s an caochladh seòrsa ainmhidhean a’ ciallachadh gur e fìor dheagh àite-tadhail a th’ ann.
Dè th’ ann ri dhèanamh?
- Ionad-tadhail A’ Chanàil Chailleannaich aig Cille Chuimein
- Staidhre Neptune – tadhail air an obair-innleachd iongantach seo.
- Cille Chuimein – seall timcheall a’ bhaile agus faic na soithichean a’ dol tro na glasan-uisge.
- Inbhir Nis – gu leòr ri dhèanamh ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd.
- Turasan air an uisge – air a’ chanàl is Loch Nis.
- Bùth ann an Ionad-tadhail A’ Chanàil Chailleannaich
Tuilleadh fiosrachaidh a dhìth?
[Slighe a’ Ghlinne Mhòir[(http://www.greatglenway.com)
Teaghlaichean
Tha tachartasan (faic duilleag nan tachartasan no www.scottishcanals.co.uk airson dè tha san amharc) agus ionadan cur-seachad sìos is suas an canàl. Faodaidh tu cuideachd a bhith a’ coiseachd, a’ dol air rothair no canù no a’ tadhal air aon de na seallaidhean anns an sgìre.
Nach seall sibh timcheall nan glasan-uisge air staidhre Neptune còmhla ri fear a’ ghlais-uisge? Airson turasan nàdair cuir fios air Luchd-glèidhidh Slighe a’ Ghlinne Mhòir.
Dè mu dheidhinn sgoiltean is buidhnean?
Tha fàilte ann an-còmhnaidh ro sgoiltean is buidhnean air a’ Chanàl Chailleannach. Tha stòras mìorbhaileach air nochdadh, Bogsa-brosnachaidh Mòr A’ Chanàil Chailleannaich, a gheibh sgoiltean an-asgaidh air iasad airson teirm. Gheibhear turasan treòraichte cuideachd, le seisean fiosrachaidh anns an sgoil agad ro-làimh.
Where is it?
An Canàl Cailleannach
Oifis a’ Chanàil
Seaport Marina
Muirtown Wharf
Inbhir Nis
IV35LS


