Cuibhle na h-Eaglaise Brice

Canàl an Aonaidh agus Canàl Fhoirfe & Chluaidh

Cuibhle-togail bhàtaichean gun samhail san t-saoghal!

Thig airson latha air leth brosnachail aig an aon chuibhle-togail bhàtaichean san t-saoghal. Gabh turas bàta iongantach air a’ chuibhle-togail a tha a’ ceangal Canàl an Aonaidh ri Canàl Fhoirfe & Chluaidh agus ionnsaich tuilleadh mun sgìre anns an ionad-tadhail sgoinneil againn a tha uile gu lèir so-inntrigidh.

Dè th’ ann ri dhèanamh?

  • Turas air a’ chuibhle – Gabh fhèin turas air a’ chuibhle agus faic cò ris a tha e coltach.
  • Slighe chlaistinn – Ionnsaich tuilleadh mun chuibhle agus mun sgìre.
  • Ionad-tadhail – Gnìomhan rin dèanamh agus caractaran bho na linntean a dh’fhalbh.
  • Bùithtean
  • Cafe
  • Àite-cluiche cloinne
  • Cuairtean

Tuilleadh fiosrachaidh a dhìth?

Tadhail air làrach-lìn Cuibhle na h-Eaglaise Brice airson tuilleadh ionnsachadh mu dheidhinn tighinn a dh’fhaicinn an t-seallaidh iongantaich seo. Uairean fosglaidh, prìsean, ciamar a gheibh thu ann agus tuilleadh air tadhal bhuidhnean.

www.thefalkirkwheel.co.uk

Waterscape

Teaghlaichean

Is tric a tha tachartasan gan cumail aig Cuibhle na h-Eaglaise Brice. Faic an duilleag thachartasan againn no làrach-lìn Cuibhle na h-Eaglaise Brice airson faighinn a-mach dè tha san amharc.

Dè mu dheidhinn sgoiltean agus bhuidhnean?

Tha fàilte ann an-còmhnaidh ro sgoiltean is buidhnean aig Cuibhle na h-Eaglaise Brice. Tha iomadh chuspair rannsachaidh aig an ionad. Cùm sùil a-mach airson seachdainean foghlaim nuair a bhios gnìomhan ann ri dhèanamh.

Fiosrachadh feumail eile agus planadh turais A’ cur Turas air Dòigh Sàbhailteachd air an Uisge

Where is it?

Go to map

Cuibhle na h-Eaglaise Brice
Cuibhle na h-Eaglaise Brice
Rathad Lime
Tamfourhill
An Eaglais Bhreac
FK14RS

Contact

Phone: 08700 500 208
Email: info@thefalkirkwheel.co.uk
Fax: 01324 671224

Resources

More Information

Materials may be reproduced for educational purposes. © British Waterways 2007-2012. Privacy statement. Waterscape.com